Kayleigh Sorcha NicAonghais 

Nigheanan nan 

Obair ùr a thàinig à pròiseact rannsachaidh mu dheidhinn dualchas nam boireannach air feadh nan Eileanan A-muigh agus A-staigh. Le taic Alba Chruthachail, o Ògmhios gu Dùbhlachd 2022

’S e rannsachadh a sinnsireachd taobh a màthar a bhuineadh do Lios Mòr a’ phuing-thòiseachaidh a bh’ aig Kayleigh Sarah NicAonghais. Dhùisg na sgeulachdan a chuala i mun eilean aig a sheanmhair nach maireann ùidh aice sna sinnsearan boireann aice. Bha am fiosrachadh sgrìobhte mu na boireannaich seo cho gann ’s gun deach Kayleigh a thàladh do mhaireannachd na tìre. Tha cha mhòr an t-eilean air fad à clach-aoil Dhail Riada a tha mu 600 millean bliadhna a dh’aois. Chaidh clach-aoil a dhùsgadh ann an dà àite ann an Lios Mòr agus chaidh a mhalairt suas is sìos cladach an iar na h-Alba san naoidheamh linn dheug. Tha fhios gun robh mòran dhen chlach-aoil seo am measg nan clachan a chaidh a chleachdadh airson togail nan teanamantan ann an Glaschu far an do thogadh Kayleigh aig toiseach nan 90an. Tha Kayleigh a’ taisbeanadh clach-aoil ann an cruth amh mar cheangal eadar bith an-dè agus an-diugh. Tha aol cuideachd na stuth riatanach ann an saothrachadh stàilinn an-diugh. B’ e an smac Lady Margaret am bàta-iasgaich ann an Lios Mòr a bha a’ malairt bathar air feadh na h-Alba agus is ann aig sinn-sinn-sinn-seanairean Kayleigh a bha i. Bha siùil cotain bhàna aig smacan gu tric a bhiodh air an còmhdachadh le stuth a dhìonadh iad o na siantan agus dh’fhàg an stuth ud ruadh iad.  

Tha lìon na prìomh stuth eile san taisbeanadh seo. Thug daoine fàs air an lus seo air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus bhiodh boireannaich ga chur gu feum fad iomadh ginealach. Tha aithris ann à 1768 a tha ag innse gun robh boireannaich a’ cleachdadh lìn (Linum catharticum) air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan airson fuil-mìos a bhacadh. ’S e lìon-aodach feum a rinneadh dheth a tha beagan nas aithnichte ma dh’fhaoidte. Tha fhios gun robh boireannaich a’ snìomh lìon gu h-eachdraidheil ach an dèid an Dàrna Chogaidh Mhòir agus stèidheachadh Arm-tìre nam Ban, ghabh Caileagan na Tìre os làimh gach ceum de bhuain a’ bharra seo, eadar dì-shìolachadh, bàthadh is sguidseadh. Tha Kayleigh a’ taisbeanadh lìon aig diofar ìrean a bheatha mar chomharra air pailteas nan dreuchdan a bha aig boireannaich ann an eileanan na h-Alba gu h-eachdraidheil. Fhad ’s a bha Kayleigh ris an obair-rannsachaidh aice, bha cothrom air leth aice obair a dhèanamh còmhla ri iomadh ban-eileanach mìorbhaileachd is brosnachail, Laura Gloag agus Catrìona NicGilleBhàin nam measg. Tha Laura na sàr eòlaiche sloinntearachd ann an Lios Mòr a thug taic mhòr dha Kayleigh is i a’ toirt dhi mòran fiosrachaidh mu dhualchas a teaghlaich. Thug Catrìona plathadh dhomh dhen bheatha aice mar bhan-eileanach air Eilean nam Muc iomallach a th’ aig an teaghlach aicese. Leis gum biodh i fhèin a’ toirt fàs air lìon, bha cuimhne aice air obair an lìn. 

Tha na pìosan obrach seo na chnuasachadh leantainneach dhen chòmhdhail eadar dualchas is beatha an latha an-diugh. Tha ùidh shònraichte aice ann an aibheis ama agus àite ach cuideachd ann a bhith a’ ceangal ris na linntean a dh’aom tro obair is stuthan nàdarra as urrainnear beantainn riutha.